Preface
Read
+
Publisher
Nainoia, Inc.
PO Box 462, Bellefonte, PA 16823
(814) 470-8028
Nainoia Inc, Publisher
LinkedIn/NAINOIA-INC
Third Party Publisher Resources
Request Custom Formatted Verses
Please contact us below
Submit your proposed corrections
I understand that the Aionian Bible republishes public domain and Creative Commons Bible texts and that volunteers may be needed to present the original text accurately. I also understand that apocryphal text is removed and most variant verse numbering is mapped to the English standard. I have entered my corrections under the verse(s) below. Proposed corrections to the Scots Gaelic Gospel of Mark, Mark Chapter 10 https://www.AionianBible.org/Bibles/Scots-Gaelic---Scots-Gaelic-Gospel-Mark/Mark/10 1) 'S ag eirigh as a sin, thainig e gu criochan Iuda air taobh thall Iordain; agus chruinnich sluagh a rithist ga ionnsuidh; agus mar a b' abhuist dha, theagaisg e rithist iad. 2) 'S na Phairisich a tighinn ga ionnsuidh, dh' fharraid iad dheth: Bheil e laghail do dhuine a bhean a chur air falbh? 's iad ga bhuaireadh. 3) Ach esan a freagairt, thuirt e riutha: Ciod a dh' aithn Maois oirbh? 4) Thuirt iad: Thug Maois cead litir-dhealachaidh a sgriobhadh, 's a cur air falbh. 5) Thuirt Iosa gam freagairt: 'S ann air son cruas ur cridhe a sgriobh e dhuibh an reachd so. 6) Ach bho thus a chruthachaidh rinn Dia iad firionn is boirionn. 7) Air son so fagaidh duine athair agus a mhathair, is dluth-leanaidh e ri mhnaoi; 8) Agus bithidh an dithis nan aon fheoil. As leth sin cha dithis iad a nis, ach aon fheoil. 9) An ni ma ta a cheangail Dia, na fuasgladh duine. 10) Agus anns an tigh chuir a dheisciopuil ceisd air a rithist mun ni chiadna. 11) Is thuirt e riutha: Co sam bith a chuireas air falbh a bhean, 'sa phosas te eile, tha e dianamh adhaltrais na h-aghaidh. 12) 'S ma chuireas bean air falbh a fear, 's fear eile phosadh, tha i dianamh adhaltrais. 13) Agus thug iad clann bheag ga ionnsuidh, los gum beanadh e dhaibh. Is bha na deisciopuil a maoitheadh air an fheadhainn a bha gan toirt uige. 14) Nuair a chunnaic Iosa iad, ghabh e gu h-olc e, is thuirt e riutha: Leigibh le cloinn bhig tighinn gam ionnsuidh, agus na bacaibh iad: 's gur ann dhan leithidean a bhuineas rioghachd Dhe: 15) Gu deimhinn tha mi gradh ribh: Co sam bith nach glac rioghachd Dhe mar leanabh beag, nach teid e a stigh innte. 16) Is ghlac e 'na uchd iad, 's a cur a lamhan orra, bheannaich e iad. 17) 'S nuair a dh' fhalbh e mach air a thurus, thainig duine araid 'na ruith, 'sa dol air a ghluinean air a bhialaobh, dh' fharraid e dheth, ag radh: A Mhaighistir mhath, ciod a ni mi gus a bheatha shiorruidh a chosnadh? (aiōnios g166) 18) Is thuirt Iosa ris: Carson a tha thu cantuinn math riumsa? chan eil aon sam bith math, ach Dia 'na aonar. 19) Is aithne dhut na faintean: Na dian adhaltras: Na dian marbhadh: Na dian goid: Na tog fianuis bhreige: Na dian mealltaireachd. Thoir onair dhad athair is dhad mhathair. 20) Ach esan a freagairt, thuirt e ris: A Mhaighistir, iad sin uile chum mi bhom oige. 21) Agus Iosa ag amharc air, thug e gaol dha, is thuirt e ris: Tha aon ni a dhith ort: falbh, reic na bheil agad, agus thoir do na bochdan e, agus bithidh iuntas agad am flathanas; is thig, lean mise. 22) Ach bha duilichinn airesan as leth an fhacail, is dh' fhalbh e gu tuirseach: oir bu duine e aig an robh moran beairteis. 23) Agus Iosa a coimhead mun cuairt air, thuirt e ri dheisciopuil: Nach duilich do dhuine beartach a dhol a stigh do rioghachd Dhe! 24) Is ghabh a dheisciopuil ioghnadh a bhriathran. Ach Iosa freagairt a rithist, thuirt e riutha: A chlann bheag, nach duilich dhaibhsan, a chuireas uidh am beartas, dhol a stigh do rioghachd Dhe! 25) Is fhasa do chamhal dhol tro chno snathaid, na do dhuine beartach a dhol a stigh do rioghachd Dhe. 26) Is ghabh iad am barrachd ioghnaidh, ag radh ri cheile: Agus co is urrainn a bhith sabhailte? 27) Agus thuirt Iosa, 's e ag amharc orra: Tha so do-dhiante do dhaoine, ach chan eil do Dhia: oir tha a h-uile ni an comas Dhe. 28) Agus thoisich Peadar ri radh ris: Seall, dh' fhag sinn a h-uile ni, agus lean sinn thu. 29) Is thuirt Iosa, 's e freagairt: Gu deimhinn tha mi ag radh ribh: chan eil neach sam bith a dh' fhagas tigh, no braithrean, no peathraichean, no athair, no mathair, no clann, no fearann, as mo lethsa, agus as leth an t-soisgeil, 30) Nach fhaigh a chiad urad a nis san tim so fhein, tighean, agus braithrean, is peathraichean, is mathraichean, is clann, is fearann, am measg geur- leanmhuinn, agus a bheatha shiorruidh san ath shaoghal. (aiōn g165, aiōnios g166) 31) Ach tha moran air thoiseach a bhitheas air dheireadh, 's air dheireadh a bhitheas air thoiseach. 32) Agus bha iad air an rathad a dol suas gu Ierusalem; agus dh' imich Iosa rompa, is bha ioghnadh orra; is bha eagal orrasan a bha ga leantuinn. Agus ghabh e rithist na dha dhiag, agus thoisich e ri innse dhaibh na bha dol a thachairt dha. 33) Seall, tha sinn a dol suas gu Ierusalem, agus liubhrar Mac an duine do na h-ard-shagairt, 's do na Sgriobhaich, 's do na seanairean, agus ditidh iad e gu bas, agus bheir iad seachad do na cinnich e; 34) Is ni iad fanaid air, agus caithidh iad smugaidean air, agus sgiursaidh iad e; agus marbhaidh iad e, agus eiridh e air an treas latha. 35) Is thainig Seumas agus Eoin, mic Shebede, ga ionnsuidh, ag radh: A Mhaighistir, is aill leinn gun dian thu dhuinn ni sam bith a dh' iarras sinn. 36) Ach thuirt esan riutha: Ciod is aill leibh mi dhianamh dhuibh? 37) Is thuirt iad: Deonaich dhuinn gun suidh sinn, fear againn air do laimh dheis 's am fear eile air do laimh chli, nad ghloir. 38) Is thuirt Iosa riutha: Chan eil fhios agaibh de tha sibh ag iarraidh. An urrainn dhuibh a chailis ol, a tha mise dol a dhol, no bhith air ur baisteadh leis a bhaisteadh leis a bheil mise rim bhaisteadh? 39) Is thuirt iad ris: Is urrainn dhuinn. Is thuirt Iosa riutha: Olaidh sibh gu dearbh a chailis, a tha mise dol a dh' ol; agus baistear sibh leis a bhaisteadh leis a bheil mise rim bhaisteadh 40) Ach suidhe air mo laimh dheis, no air mo laimh chli, cha leamsa gu thoirt dhuibh, ach dhaibhsan dhan deach uimheamachadh. 41) Is nuair a chuala an deichnar so, thoisich iad ri bhith diumbach de Sheumas 's de Eoin. 42) Ach Iosa gan gairm, thuirt e riutha: Is aithne dhuibh gum bheil acasan, air a bheileas a coimhead mar riaghladairean air na cinnich, ard-thighearnas orra, 's gum bheil cumhachd aig am prionnsaichean thairis orra. 43) Ach chan ann mar sin a bhios nar measgsa: ach co sam bith leis am miann a bhith air thoiseach 'nur measg, bithidh e 'na fhear frithealaidh dhuibh. 44) Is co sam bith leis an aill a bhith air thoiseach 'nur measg, bithidh e 'na sheirbhiseach agaibh uile. 45) Oir cha tainig Mac an duine e fhein los gun diante frithealadh dha, ach gu frithealadh, 's gus a bheatha leigeil sios 'na h-eirig air son mhorain. 46) Agus rainig iad Iericho; 's nuair bha esan 'sa dheisciopuil agus cuideachda ro-mhor a falbh, bh' an dall Bartimeus, mac Thimeiuis 'na shuidhe ri taobh an rathaid, ag iarraidh deirce. 47) 'S nuair chuala e gur e Iosa bho Nasareth a bh'ann, thoisich e ri glaodhach 's ri radh: Iosa, a Mhic Dhaibhidh, dian trocair orm. 48) Is mhaoith moran air, fiach am biodh e samhach. Ach 'sann bu mhua gu mor a ghlaodh e: A Mhic Dhaibhidh, dian trocair orm. 49) Agus sheas Iosa, is dh' orduich e a ghairm. Agus ghairm iad an dall, a cantuinn ris: Biodh misneachd agad: eirich, tha e gad iarraidh. 50) 'Sa tilgeadh bhuaithe fhalluinne, thainig e 'na leum ga ionnsuidh. 51) Agus Iosa a freagairt, thuirt e ris: Ciod is aill leat mi dhianamh dhut? Is thuirt an dall ris: A Rabboni, gum faic mi. 52) Is thuirt Iosa ris: Falbh, rinn do chreideamh slan thu. Agus sa cheart uair chunnaic e, is lean e e air an t-slighe. Additional comments?
Refresh Captcha
The world's first Holy Bible un-translation!