< ՄԱՐԿՈՍ 14 >

1 Երկու օր ետք՝ Զատիկ ու Բաղարջակերք էր. եւ քահանայապետներն ու դպիրները կը փնտռէին թէ ի՛նչպէս վարպետութեամբ բռնեն զայն եւ սպաննեն:
A nis bha feill na casga 's an arain neo-ghoirtichte an ceann da latha: is bha na h-ard-shagairt,'s na Sgriobhaich a sireadh ciamar a ghlacadh iad e le foill, sa mharbhadh iad e.
2 Բայց կ՚ըսէին. «Ո՛չ տօնին ատենը, որպէսզի ժողովուրդին մէջ աղմուկ չըլլայ»:
Ach thuirt iad: Chan ann air latha na feille, eagal buaireas eirigh ma dh' fhaoidte am measg an t-sluaigh.
3 Երբ ինք Բեթանիա էր, սեղան նստած՝ բորոտ Սիմոնի տունը, կին մը եկաւ՝ որ ունէր ալապաստրէ շիշ մը, լեցուած մեծածախս նարդոսի օծանելիքով. կոտրեց այդ շիշը ու թափեց օծանելիքը անոր գլուխին վրայ:
'S nuair a bha e ann am Bethania an tigh Shimoin an lobhar, 'sa bha e aig biadh, thainig boirionnach aig an robh bocsa alabastair de dh' ola phriseil spicnaird, 'sa bristeadh a bhocsa alabastair, thaom i air a cheann i.
4 Ոմանք ընդվզեցան իրենք իրենց մէջ եւ ըսին. «Ինչո՞ւ այդ օծանելիքը վատնուեցաւ.
A nis bha cuid a bha diumbach unnta fhein, ag radh: Carson a rinneadh am milleadh so air an ola?
5 քանի որ ատիկա կրնար ծախուիլ երեք հարիւր դահեկանէն աւելի, ու տրուիլ աղքատներուն». եւ սաստիկ կը սրդողէին իրեն դէմ:
Oir dh' fhaoidte an ola so reic air son corr is tri fichead sgilinn, 's an toirt do na bochdan. Agus rinn iad monmhur 'na h-aghaidh.
6 Բայց Յիսուս ըսաւ. «Թողուցէ՛ք զայն, ինչո՞ւ կ՚անհանգստացնէք զինք. ան լաւ գործ մը ըրաւ ինծի:
Ach thuirt Iosa: Leigibh leatha, carson tha sibh a cur dragh oirre? Rinn i deagh ghniomh ormsa.
7 Որովհետեւ ամէ՛ն ատեն ունիք աղքատները ձեզի հետ, ու ե՛րբ ուզէք՝ կրնաք բարիք ընել անոնց. բայց ամէն ատեն չունիք զիս:
Oir tha na bochdan daonnan agaibh; is faodaidh sibh math a dhianamh dhaibh, nuair a thoilicheas sibh: ach cha bhith mise daonnan agaibh.
8 Ան ըրաւ ի՛նչ որ կրնար. մարմինս նախապէս օծեց՝ իմ թաղումիս համար:
Rinn i na b'urrainn dhi: thainig i ro-laimh a dh' ungadh mo chuirp air son an adhlaic.
9 Ճշմա՛րտապէս կը յայտարարեմ ձեզի. “Ամբողջ աշխարհի մէջ՝ ո՛ւր որ այս աւետարանը քարոզուի, անոր ըրածն ալ պիտի պատմուի՝ իր յիշատակին համար”»:
Gu firinneach tha mi gradh ribh: ge b' e aite an teid an soisgeul so a shearmonachadh feadh an t-saoghail uile, gun innsear na rinn i mar chuimhneachan oirre.
10 Յուդա Իսկարիովտացին, տասներկուքէն մէկը, գնաց քահանայապետներուն՝ որ զայն մատնէ անոնց:
Is dh' fhalbh Iudas Iscariot, fear de na dha dhiag, a dh' ionnsuidh nan ard-shagart, gus a bhrath dhaibh.
11 Անոնք ալ լսելով՝ ուրախացան, եւ իրեն դրամ ալ խոստացան: Ուստի կը փնտռէր պատեհութիւն մը՝ որ մատնէր զայն:
Air dhaibhsan so a chluinntinn, rinn iad toileachadh; agus gheall iad airgiod a thoirt dha. Is bha esan a siredh ciamar gheibheadh e cothrom air a bhrath.
12 Բաղարջակերքի առաջին օրը, երբ կը մորթէին զատիկը, անոր աշակերտները ըսին իրեն. «Ո՞ւր կ՚ուզես որ երթանք պատրաստենք, որպէսզի ուտես զատիկը»:
'S air a chiad latha den aran neo-ghoirtichte, nuair bha iad ag iobradh na casga, thuirt a dheisciopuil ris: Caite an aill leat sinn a dhol, los gun deasaich sinn dhut, 's gun ith thu a chaisg?
13 Իր աշակերտներէն երկուքը ղրկեց եւ ըսաւ անոնց. «Գացէ՛ք քաղաքը, ու ձեզի պիտի հանդիպի մարդ մը՝ որ ուսին վրայ կը տանի ջուրի սափոր մը. հետեւեցէ՛ք անոր,
Agus chuir e dithis dhe dheisciopuil, agus thuirt e riutha: Rachaibh a stigh don bhaile is tachraidh duine oirbh a giulan saghach uisge, leanaibh e;
14 եւ ո՛ւր որ մտնէ՝ տանտիրոջ ըսէ՛ք. “Վարդապետը կ՚ըսէ. "Ո՞ւր է իջեւանը, ուր պիտի ուտեմ զատիկը՝ աշակերտներուս հետ"”:
Agus ge b' e aite an teid e stigh, abraibh ri fear an tighe gu bheil am maighistir ag radh: Caite a bheil mo sheomar-bidh, far an ith mi a chaisg comhla rim dheisciopuil?
15 Ան ալ պիտի ցուցնէ ձեզի մեծ վերնայարկ մը՝ կահաւորուած ու պատրաստ. հո՛ն պատրաստեցէք մեզի»:
Agus fiachaidh e dhuibh seomar-bidh farsuinn lan-uidheamaichte; deasaichibh an sin dhuinn.
16 Իր աշակերտները գացին, մտան քաղաքը, եւ ինչպէս իրենց ըսաւ՝ այնպէս գտան, ու պատրաստեցին զատիկը:
Is dh' fhalbh a dheisciopuil, agus thainig iad dhan bhaile, agus fhuair iad mar a thuirt e riutha, agus dheasaich iad a chaisg.
17 Երբ իրիկուն եղաւ՝ եկաւ տասներկուքին հետ:
Agus na thainig am feasgar, rainig e leis na dha dhiag.
18 Երբ սեղան նստան եւ կ՚ուտէին, Յիսուս ըսաւ. «Ճշմա՛րտապէս կը յայտարարեմ ձեզի թէ ձեզմէ մէկը՝ որ հիմա ինծի հետ կ՚ուտէ, պիտի մատնէ զիս»:
Agus nuair a bha iad nan suidhe aig a bhord, 's ag ithe, thuirt Iosa: Gu firinneach tha mi ag radh ribh, gum brath fear agaibh, a th' ag ithe maille rium, mi.
19 Անոնք սկսան տրտմիլ ու մէկ առ մէկ ըսել անոր. «Միթէ ե՞ս եմ», եւ ուրիշ մը. «Միթէ ե՞ս եմ»:
Agus thoisich iadsan ri bhith muladach, 's gach aon ri radh mu seach ris: Am mise e?
20 Ան ալ պատասխանեց անոնց. «Տասներկուքէն ա՛ն՝ որ ինծի հետ թաթխեց իր ձեռքը պնակին մէջ:
Is thuirt e riutha: Se am fear den da fhear dhiag a tha tumadh a laimh comhla rium sa mheis.
21 Արդարեւ մարդու Որդին կ՚երթայ՝ ինչպէս գրուած է իրեն համար. բայց վա՜յ այն մարդուն, որուն միջոցով կը մատնուի մարդու Որդին: Այդ մարդուն լաւ պիտի ըլլար՝ որ ծնած չըլլար»:
'S gu deimhinn tha Mac an duine a falbh, mar a tha e sgriobhte mu dheidhinnn: ach mo thruaighe an duine sin leis am brathar Mac an duine: bu mhath dhan duine sin nach do rugadh riamh e.
22 Երբ անոնք կ՚ուտէին՝ Յիսուս հաց առաւ, օրհնեց, կտրեց, տուաւ անոնց եւ ըսաւ. «Առէ՛ք, ա՛յս է իմ մարմինս»:
'S nuair a bha iad ag ithe, ghlac Iosa aran; 's ga bheannachadh, bhrist e, agus thug e dhaibh e, is thuirt e: Gabhaibh, se so mo chorpsa.
23 Նաեւ բաժակը առաւ, շնորհակալ եղաւ ու տուաւ անոնց. բոլորն ալ խմեցին անկէ:
Agus ghlac e chailis, 'sa toirt taing thug e dhaibh i; is dh' ol iad uile dhi.
24 Ըսաւ անոնց. «Ա՛յս է իմ արիւնս, նո՛ր ուխտին արիւնը, որ կը թափուի շատերո՜ւ համար:
Is thuirt e riutha: Si so m' fhuil-sa an tiomnaidh nuaidh a dhoirtear air son morain.
25 Ճշմա՛րտապէս կը յայտարարեմ ձեզի. “Ասկէ ետք որթատունկին բերքէն բնա՛ւ պիտի չխմեմ մինչեւ այն օրը՝ երբ նո՛ր խմեմ զայն Աստուծոյ թագաւորութեան մէջ”»:
Gu deimhinn tha mi ag radh ribh, nach ol mi a so suas de thoradh na fionain, gus an latha sin air an ol mi ur e ann an rioghachd Dhe.
26 Օրհներգելէ ետք՝ գացին Ձիթենիներու լեռը:
'S nuair a sheinn iad laoidh, chaidh iad a mach gu sliabh Olibheit.
27 Յիսուս ըսաւ անոնց. «Այս գիշեր բոլորդ ալ պիտի գայթակղիք իմ պատճառովս. որովհետեւ գրուած է. “Հովիւը պիտի զարնեմ, ու ոչխարները պիտի ցրուին”:
Is thuirt Iosa riutha: Gabhaidh sibh uile sgainneal asam-sa air an oidhche nochd oir tha e sgriobhte: Buailidh mi am buachaille is sgapar na caoraich.
28 Բայց յարութիւն առնելէս ետք՝ ձեզմէ առաջ պիտի երթամ Գալիլեա»:
Ach an deigh m' aiseirigh gabhaidh mi roimhibh do Ghalile.
29 Պետրոս ըսաւ անոր. «Թէեւ բոլորն ալ գայթակղին, ես՝ բնա՛ւ՝՝»:
Ach thuirt Peadar ris: Ged ghabhadh iad uile sgainneal asad, cha ghabh mise.
30 Յիսուս ըսաւ անոր. «Ճշմա՛րտապէս կը յայտարարեմ քեզի. “Դուն ա՛յսօր, այս գիշեր իսկ, դեռ աքաղաղը երկու անգամ չկանչած՝ երե՛ք անգամ պիտի ուրանաս զիս”»:
Agus thuirt Iosa ris: Gu deimhinn tha mi ag radh riut, an diugh fhein air an oidhche nochd, mun goir an coileach da uair, gun aicheadh thu mi tri uairean.
31 Պետրոս աւելի կը պնդէր ու կ՚ըսէր. «Նոյնիսկ եթէ պէտք ըլլայ որ քեզի հետ մեռնիմ, բնա՛ւ պիտի չուրանամ քեզ»: Նո՛յնպէս կ՚ըսէին բոլորն ալ:
Ach 'sann an sin bu dana a labhair e: Ged b' fheudar dhomh am bas fhulang maille riut, chan aicheadh mi thu. Agus an ni ciadna thuirt iad uile.
32 Եկան վայր մը՝ որուն անունը Գեթսեմանի էր, եւ ըսաւ իր աշակերտներուն. «Հո՛ս նստեցէք՝ մինչեւ որ ես աղօթեմ»:
Agus thainig iad gu fearann ris an canar Gethsemani. Is thuirt e ri dheisciopuil: Suidhibh an so gus an dian mi urnaigh.
33 Իրեն հետ առնելով Պետրոսը, Յակոբոսն ու Յովհաննէսը, սկսաւ սաստիկ այլայլիլ եւ շատ վշտանալ:
Agus thug e leis Peadar, is Seumas, is Eoin; agus bha e fo amhghar agus fo imcheist ro-mhor.
34 Հետեւաբար ըսաւ անոնց. «Իմ անձս չափազանց տրտում է՝ մեռնելու աստիճան. հո՛ս մնացէք եւ արթո՛ւն կեցէք»:
Is thuirt e riutha: Tha m' anam bronach gu ruig am bas: fanaibh an so, is dianaibh faire.
35 Քիչ մը առջեւ երթալով՝ ինկաւ գետին, իր երեսին վրայ, եւ աղօթեց, որ եթէ կարելի է՝ այդ ժամը անցնի իրմէ:
'Sa dol ceum air adhart, thuit e air an talamh; is ghuidh e, nam faodadh e bhith, gun rachadh an uair seachad air:
36 Ան ըսաւ. «Աբբա՛, Հա՛յր, ամէն բան կարելի է քեզի. հեռացո՛ւր այս բաժակը ինձմէ: Բայց ո՛չ թէ ինչպէս ե՛ս կ՚ուզեմ, հապա՝ ինչպէս դո՛ւն կ՚ուզես»:
Is thuirt e: Abba Athair, tha a h-uile ni nad chomas, cuir a chailis so seachad orm, ach chan e nas aill leamsa, ach nas aill leatsa.
37 Երբ եկաւ ու քնացած գտաւ զանոնք՝ ըսաւ Պետրոսի. «Սիմո՛ն, կը քնանա՞ս. չկրցա՞ր ժա՛մ մը արթուն մնալ:
Agus thainig e, 'is fhuair e iad 'nan cadal. Is thuirt e ri Peadar: A Shimoin, a bheil thu nad chadal? nach burrainn dhut aon uair a chaithris?
38 Արթո՛ւն մնացէք եւ աղօթեցէ՛ք, որպէսզի չմտնէք փորձութեան մէջ. իրաւ է թէ հոգին յօժար է, բայց մարմինը՝ տկար»:
Dianaibh faire agus urnaigh, chum nach tuit sibh ann am buaireadh. Tha an spiorad gu dearbh deonach, ach than fheoil lag.
39 Դարձեալ գնաց աղօթեց՝ նոյն խօսքը ըսելով:
'Sa falbh a rithist rinn e urnaigh, a cantuinn nam briathran ciadna.
40 Ապա վերադարձաւ եւ դարձեալ քնացած գտաւ զանոնք. որովհետեւ անոնց աչքերը ծանրացած էին, ու չէին գիտեր ի՛նչ պատասխանել անոր:
'Sa tilleadh, fhuair e rithist iad 'nan cadal (oir bha an suilean trom), agus cha robh fios aca de a chanadh iad ris.
41 Երրորդ անգամ ալ եկաւ եւ ըսաւ անոնց. «Ասկէ ետք քնացէ՛ք ու հանգստացէ՛ք. բաւական է, ժամը հասաւ, ահա՛ մարդու Որդին պիտի մատնուի մեղաւորներուն ձեռքը:
Agus thainig e an treas uair, is thuirt e riutha: Caidlibh a nis, agus gabhaibh fois. Foghnaidh sin: th' an uair air tighinn: seall, liubhrar Mac an duine do lamhan pheacach.
42 Ոտքի՛ ելէք՝ երթա՛նք: Ահա՛ մօտեցաւ ա՛ն՝ որ պիտի մատնէ զիս»:
Eiribh, falbhamaid, seall, tha esan a bhrathas mi faisg.
43 Մինչ ան դեռ կը խօսէր, իսկոյն Յուդա՝ տասներկուքէն մէկը՝ եկաւ, եւ իրեն հետ՝ քահանայապետներէն, դպիրներէն ու երէցներէն ղրկուած մեծ բազմութիւն մը, սուրերով եւ բիրերով:
Bha e fhathast a labhairt, nuair thainig Iudas Iscariot fear de na dha dhiag, agus moran sluaigh comhla ris le claidhean, 's le bataichean, bho na h-ard-shagairt, agus na Sgriobhaich, 's na seanairean.
44 Զայն մատնողը նշան մը տուեր էր անոնց՝ ըսելով. «Ո՛վ որ համբուրեմ՝ ա՛ն է, բռնեցէ՛ք զայն ու տարէ՛ք ապահովութեամբ»:
Agus bh' am brathadair air comharradh a thoirt dhaibh, ag radh: Ge b' e neach dhan toir mise pog, se sin e, beiribh air, agus thugaibh leibh e gu curamach.
45 Երբ ինք եկաւ՝ իսկոյն մօտեցաւ անոր եւ ըսաւ. «Ռաբբի՛, Ռաբբի՛», ու համբուրեց զայն:
'S nuair a rainig e, ghrad-chaidh e ga ionnsuidh, is thuirt e: Failt ort, a Mhaighistir; agus phog e e.
46 Եւ անոնք ձեռք բարձրացուցին անոր վրայ ու բռնեցին զայն:
Agus chuir iadsan an lamhan air, agus chum iad e.
47 Քովը կայնողներէն մէկը՝ քաշեց սուրը, զարկաւ քահանայապետին ծառային եւ խլեց անոր ականջը:
Ach tharruinn aon den fheadhainn a bha san lathair a chlaidheamh, agus bhuail e seirbhiseach an ard-shagairt, agus ghearr e chluas dheth.
48 Յիսուս ըսաւ անոնց. «Իբր թէ աւազակի՞ դէմ եկաք՝ սուրերով ու բիրերով բռնելու զիս:
Agus Iosa a freagairt, thuirt e riutha: An tainig sibh a mach le claidhean 's le bataichean gu mise ghlacadh, mar gum bu mheirleach mi?
49 Ամէ՛ն օր ձեր քով էի եւ տաճարին մէջ կը սորվեցնէի, ու չբռնեցիք զիս. բայց այս բոլոր բաները եղան՝ որպէսզի գրուածները իրագործուին»:
Bha mi a teagasg san teampull comhla ribh a h-uile latha, agus cha do ghlac sibh mi. Ach 'sann gus na sgriobturan a choimhlionadh a tha so.
50 Բոլոր աշակերտներն ալ թողուցին զայն եւ փախան:
An sin a dheisciopuil ga threigsnin, theich iad uile.
51 Երիտասարդ մը անոր կը հետեւէր՝ մերկ մարմինին վրայ կտաւ մը առած, սակայն երիտասարդները բռնեցին զայն:
Ach lean duin' og araid e air eideadh le lion-anart thairis air a choluinn ruisgte; agus rinn iad greim air.
52 Ան ալ ձգեց կտաւը, եւ մերկ փախաւ անոնցմէ:
Ach esan a tilgeadh dheth an lion-anairt, theich e bhuapa ruisgte.
53 Տարին Յիսուսը քահանայապետին, եւ անոր քով համախմբուեցան բոլոր քահանայապետները, երէցներն ու դպիրները:
Is thug iad leo Iosa, thun an ard-shagairt; agus chruinnich na sagairt uile, agus na Sgriobhaich, agus na seanairean.
54 Պետրոս հեռուէն հետեւեցաւ անոր մինչեւ ներսը՝ քահանայապետին գաւիթը. նստաւ սպասաւորներուն հետ, ու կը տաքնար կրակին քով:
Agus lean Peadar e fad as, gu ruig cuirt an ard-shagairt; 's bha e 'na shuidhe maille ris na seirbhisich aig an teine, agus ga gharadh fhein.
55 Քահանայապետները եւ ամբողջ ատեանը վկայութիւն կը փնտռէին Յիսուսի դէմ՝ որպէսզի մեռցնեն զայն, ու չէին գտներ.
Agus dh' iarr na h-ard-shagairt, 'sa chomhairle uile, fianais an aghaidh Iosa, gus a chuir gu bas, agus cha d'fhuair iad sin.
56 որովհետեւ շատեր սուտ վկայութիւն կու տային անոր դէմ, բայց վկայութիւնները համանման չէին:
Oir bha moran a toirt fianuise-breige 'na aghaidh: ach cha robh an teisteanas a cordadh.
57 Ոմանք ալ կանգնեցան եւ սուտ վկայութիւն տուին անոր դէմ՝ ըսելով.
Agus bha cuid a dh' eirich suas, 'sa thog fianuis-bhreige na aghaidh, ag radh:
58 «Մենք լսեցինք ատկէ՝ որ կ՚ըսէր. “Ես պիտի քակեմ այդ ձեռակերտ տաճարը, եւ պիտի կառուցանեմ ուրիշ մը՝ անձեռակերտ՝ երեք օրուան մէջ”»:
Chuala sinn e ag radh: Leagaidh mi an teampull so a rinneadh le lamhan, agus an tri latha togaidh mi fear eile nach d' rinneadh le lamhan.
59 Բայց ա՛յդպէս ալ իրենց վկայութիւնը համանման չէր:
Is cha robh an teisteanas acasan a cordadh.
60 Քահանայապետը՝ մէջտեղ կանգնելով՝ հարցուց Յիսուսի. «Ոչի՞նչ կը պատասխանես. ի՞նչ կը վկայեն ասոնք քեզի դէմ»:
Agus an t-ard-shagart ag eirigh nam miadhon, cheasnaich e Iosa, ag radh: Nach toir thu freagairt sam bith air na nithean a tha iad so a cur as do leth?
61 Բայց ան լուռ կը կենար ու ոչինչ կը պատասխանէր: Քահանայապետը դարձեալ հարցուց անոր. «Դո՞ւն ես Քրիստոսը, օրհնեա՜լ Աստուծոյ Որդին»:
Ach dh' fhan esan na thosd, agus cha tuirt e guth. Agus dh' fharraid an t-ard-shagart dheth rithist, is thuirt e ris: An tu an Chiosda, Mac an De bheannaichte?
62 Յիսուս ըսաւ. «Ե՛ս եմ. եւ պիտի տեսնէք մարդու Որդին՝ բազմած Զօրութեան աջ կողմը, ու եկած երկինքի ամպերով»:
Is thuirt Iosa ris: Is mi; agus chi sibh Mac an duine 'na shuidhe air deas laimh cumhachd Dhe, 'sa tighinn air neoil nan speur.
63 Քահանայապետը պատռեց իր հանդերձները եւ ըսաւ. «Ա՛լ ի՞նչ պէտք ունինք վկաներու:
An sin an t-ard-shagart a stracadh 'eididh, thuirt e: Ciod am feum thagainn tuilleadh air fianuisean?
64 Լսեցի՛ք ատոր հայհոյութիւնը. ի՞նչ կը թուի ձեզի»: Բոլորը դատապարտեցին զայն՝ թէ մահապարտ է:
Chuala sibh am blaisbheum: De ur barail? Dhit iad uile e mar fhear toillteanach air bas.
65 Ոմանք սկսան թքնել անոր վրայ, ծածկել անոր երեսը, կռփահարել զայն եւ ըսել անոր. «Մարգարէացի՛ր»: Իսկ սպասաւորները ապտակ կը զարնէին անոր:
Agus theann cuid ri caitheamh smugaidean air, 's ri comhdach 'aodainn, 's ri bualadh dhorn air, 's ri radh ris: Faisnich; agus bhuail na seirbhisich lem basan e.
66 Պետրոս վարը՝ գաւիթն էր: Քահանայապետին աղախիններէն մէկը եկաւ,
'S nuair a bha Peadair gu h-iosal anns a chuirt, thainig te de shearbhantan an ard-shagairt;
67 ու տեսնելով Պետրոսը՝ որ կը տաքնար, նայեցաւ անոր եւ ըսաւ. «Դո՛ւն ալ Յիսուս Նազովրեցիին հետ էիր»:
'S nuair a chunnaic i Peadar ga gharadh fhein, a gabhail beachd air, thuirt i: Bha thusa cuideachd comhla ri Iosa bho Nasareth.
68 Բայց ան ուրացաւ՝ ըսելով. «Չեմ գիտեր, ու չեմ հասկնար թէ ի՛նչ կը խօսիս»: Երբ դուրս ելաւ՝ նախագաւիթը, աքաղաղը կանչեց:
Ach dh'aicheadh esan, ag radh: Chan aithne dhomh agus cha mhua tha mi tuigsinn ciod tha thu ag radh. Agus dh'fhalbh e mach gu bialaobh na cuirte, agus ghoir an coiloach.
69 Աղախինը դարձեալ տեսաւ զայն, եւ սկսաւ ըսել շուրջը կայնողներուն. «Ասիկա՛ ալ անոնցմէ է»:
Agus a rithist nuair chunnaic searbhanta e, thoisich i ri innse don fheadhainn a bha nan seasamh mun cuairt: 'Sann dhiu am fear so.
70 Ան ալ դարձեալ ուրացաւ: Քիչ մը ատենէն ետք՝ դարձեալ շուրջը կայնողները ըսին Պետրոսի. «Ճշմա՛րտապէս դուն անոնցմէ՛ ես, որովհետեւ Գալիլեացի ես, եւ խօսուածքդ ալ կը նմանի»:
Is dh' aicheadh esan a rithist. Agus an ceann tacain, thuirt iadsan a bha san lathair a rithist ri Peadar: Sann dhiu thu gu cinnteach: oir is Galileach thu.
71 Բայց ան սկսաւ նզովել ու երդում ընել՝ ըսելով. «Չեմ ճանչնար այդ մարդը՝ որուն մասին կը խօսիք»:
Ach thoisich esan ri mollachadh 's ri mionnachadh: Chan aithne dhomh an duine so mu bheil sibh a labhairt.
72 Իսկոյն երկրորդ անգամ աքաղաղը կանչեց: Պետրոս յիշեց այն խօսքը՝ որ Յիսուս ըսեր էր իրեն. «Դեռ աքաղաղը երկու անգամ չկանչած՝ դուն երե՛ք անգամ պիտի ուրանաս զիս». եւ սկսաւ լալ:
Agus anns a cheart uair ghoir an coileach a rithist. Is chuimhnich Peadar air an fhacal, a thuirt Iosa ris: Mun goir an coileach da uair, aicheadhaidh thu mi tri uairean. Agus thoisich e air gal.

< ՄԱՐԿՈՍ 14 >