< ՄԱՐԿՈՍ 13 >

1 Մինչ դուրս կ՚ելլէր տաճարէն, իր աշակերտներէն մէկը ըսաւ իրեն. «Վարդապե՛տ, տե՛ս ինչպիսի՜ քարեր են, եւ ի՛նչ տեսակ շէնքեր»:
'S nuair a bha e dol a mach as an teampull thuirt fear dhe dheisciopuil ris: A Mhaighistir, seall! nach breagha na clachan agus na togalaichean seo.
2 Յիսուս պատասխանեց անոր. «Կը տեսնե՞ս այդ մեծ շէնքերը. քար քարի վրայ պիտի չմնայ, ամէնը պիտի քակուի»:
Is fhreagair Iosa, is thuirt e ris: Bheil thu faicinn na togalaichean mora seo uile? Chan fhagar clach air muin cloiche nach tilgear sios.
3 Մինչ ան նստած էր Ձիթենիներու լեռը՝ տաճարին դիմաց, Պետրոս, Յակոբոս, Յովհաննէս ու Անդրէաս հարցուցին իրեն՝ առանձին.
'S nuair a bha e 'na shuidhe air sliabh Olibheit, mu choinneamh an teampuill, chuir Peadar is Seumas, is Anndra ceisd air, is iad leo fhein comhla ris:
4 «Ըսէ՛ մեզի, ե՞րբ պիտի ըլլայ ատիկա, եւ ի՞նչ նշան պիտի ըլլայ այդ բոլորին կատարուելու ատենը»:
Innis dhuinn cuin a thachras na nithean sin? agus de an comharradh a bhios ann, nuair a thoisicheas na nithean sin uile rin coimhlionadh?
5 Յիսուս պատասխանելով անոնց՝ սկսաւ ըսել. «Զգուշացէ՛ք որ ո՛չ մէկը մոլորեցնէ ձեզ.
Is Iosa freagairt thoisich e ri radh riutha: Seallaibh nach meall duine sam bith sibh
6 որովհետեւ շատե՜ր պիտի գան իմ անունովս՝ ըսելով. “Ե՛ս եմ Քրիստոսը”, ու պիտի մոլորեցնեն շատերը:
Oir thig moran nam ainm-se, ag radh: Is mise e; agus meallaidh iad moran.
7 Բայց երբ լսէք պատերազմներու մասին, եւ պատերազմներու տարաձայնութիւններ՝ մի՛ վրդովիք, որովհետեւ պէտք է որ այս ամէնը ըլլայ, բայց դեռ վախճանը չէ:
Agus nuair a chluinneas sibh mu chogaidhean, agus sgialan mu chogaidhean, na gabhaibh eagal: oir s'fheudar do na nithean sin tachairt: ach chan eil a chrioch ann fhathast.
8 Արդարեւ ազգ ազգի դէմ պիտի ելլէ, ու թագաւորութիւն՝ թագաւորութեան դէմ, եւ տեղ-տեղ երկրաշարժներ պիտի ըլլան. սովեր ու խառնակութիւններ ալ պիտի ըլլան: Ասոնք ցաւերուն սկիզբն են:
Oir eiridh cinneadh an aghaidh cinnidh, agus rioghachd an aghaidh rioghachd, is bithidh crithean-talmhuinn an siod 's a so, agus gorta. 'Siad sin toiseachd nan amhghar.
9 Զգուշացէ՛ք դուք ձեզի համար. քանի որ ատեաններու պիտի մատնեն ձեզ, ժողովարաններու մէջ պիտի ծեծեն ձեզ, ու կառավարիչներու եւ թագաւորներու առջեւ պիտի կենաք՝ իմ պատճառովս, անոնց վկայութիւն ըլլալու համար:
Ach seallaibhse ribh fhein. Oir liubhraidh iad seachad sibh do chomhairlean, agus sgiursar sibh sna sinagogan, agus seasaidh sibh air bialaobh uachdarain is righrean as mo lethse, mar fhianais dhaibhsan.
10 Բայց նախ պէտք է որ աւետարանը քարոզուի բոլոր ազգերուն:
Is feumar an soisgeul a theagasg an toiseach am measg nan cinneach uile.
11 Իսկ երբ մատնելու տանին ձեզ, նախապէս մի՛ մտահոգուիք թէ ի՛նչ պիտի խօսիք, ո՛չ ալ խոկացէք. հապա այդ ժամուն ինչ որ ձեզի տրուի՝ զա՛յն խօսեցէք. որովհետեւ ո՛չ թէ դուք էք որ պիտի խօսիք, հապա Սուրբ Հոգին»:
Agus nuair a bhios iad gur tarruinn leo, 's gur liubhairt seachad, na smaoinichibh air ciod a their sibh; ach an ni bheirear dhuibh san uair sin fhein, labhraibh, oir cha sibhse a tha labhairt, ach an Spiorad Naomh.
12 «Եղբայրը մահուան պիտի մատնէ եղբայրը, ու հայրը՝ զաւակը. եւ զաւակներ պիտի ելլեն իրենց ծնողներուն դէմ ու մեռցնեն զանոնք:
Agus liubhraidh brathair brathair gu bas, agus an t-athair am mac; is eiridh clann an aghaidh am parantan, agus cuiridh iad gu bas iad.
13 Բոլորին ատելի պիտի ըլլաք իմ անունիս համար: Բայց ո՛վ որ տոկայ մինչեւ վախճանը՝ անիկա՛ պիտի փրկուի:
Agus bithidh fuath aig daoine uile oirbh as leth m'ainmse. Ach is esan a sheasas buan thun na criche a bhios sabhailte.
14 Երբ տեսնէք թէ աւերողին պղծութիւնը՝՝ - որու մասին Դանիէլ մարգարէին միջոցով խօսուած է - հաստատուած է հո՛ն ուր պէտք չէ ըլլար, (ո՛վ որ կարդայ՝ թող հասկնայ, ) այն ատեն Հրէաստանի մէջ եղողները լեռնե՛րը թող փախչին:
Agus nuair a chi sibh grainealachd an leirsgrios 'na seasamh far nach bu choir dhi, am fear a leughas tuigeadh e: an sin teicheadh iadsan a tha ann an Iudea thun nam beann.
15 Ա՛ն որ տանիքին վրայ է՝ թող չիջնէ տունը, ու չմտնէ իր տունէն բան մը առնելու.
'S am fear a tha air mullach an tighe, na tearnadh e don tigh, 's na rachadh e stigh gu dad a thogail leis as a thigh;
16 եւ ա՛ն որ արտին մէջ է՝ թող չվերադառնայ իր հանդերձը առնելու:
'S am fear a bhitheas san achadh, na tilleadh e air ais gus 'aodach a thoirt leis.
17 Բայց վա՜յ այդ օրերը յղի եղողներուն ու ծիծ տուողներուն:
Ach mo thruaighe iadsan a tha lethtromach 'sa toirt ciche sna laithean sin.
18 Աղօթեցէ՛ք՝ որ ձեր փախուստը ձմեռը չըլլայ:
Ach guidhibh nach tachair iad so sa gheamhradh.
19 Որովհետեւ այդ օրերը այնպիսի՛ տառապանք պիտի ըլլայ, որուն նմանը՝ Աստուծոյ ստեղծած աշխարհի սկիզբէն մինչեւ հիմա եղած չէ, ո՛չ ալ պիտի ըլլայ:
Oir anns na laithean sin bithidh amghairean ann nach robh an leithid ann bho thus a chruthachaidh, a rinn Dia, gu so, 's nach bi.
20 Եթէ Տէրը այդ օրերը չկարճեցնէր, ո՛չ մէկ մարմին պիտի փրկուէր. բայց այդ օրերը կարճեցուց ընտրեալներուն համար՝ որ ընտրեց:
Agus mur a giorraicheadh an Tighearna na laithean sin, cha bhiodh duine sam bith tiaruinte: ach air son nan daoine taghte, a thagh e, giorraichidh e na laithean sin.
21 Այն ատեն եթէ մէկը ըսէ ձեզի. “Ահա՛ հո՛ս է Քրիստոսը”, կամ. “Ահա՛ հո՛ն է”, մի՛ հաւատաք:
Agus an sin ma their neach sam bith ribh: Seall, tha Criosda an so, seall, tha e sin, na creidibh e.
22 Որովհետեւ սուտ քրիստոսներ եւ սուտ մարգարէներ պիտի ելլեն, ու ցոյց պիտի տան նշաններ եւ սքանչելիքներ, որպէսզի եթէ կարելի ըլլայ՝ մոլորեցնեն նոյնիսկ ընտրեալնե՛րը:
Oir eiridh criosdan breige, agus faidhean-breige, is ni iad comharran agus beartan iongantach, gus, nam faodadh e bhith, mhealladh iad na daoine taghte fhein.
23 Իսկ դուք զգուշացէ՛ք. ահա՛ նախապէս ըսի ձեզի ամէն ինչ»:
Thugaibhse mata an aire: seall, dh' innis mi dhuibh gach ni ro-laimh.
24 «Բայց այդ օրերը, այդ տառապանքէն ետք, արեւը պիտի խաւարի եւ լուսինը իր փայլը պիտի չտայ.
Ach anns na laithean sin an deigh na trioblaide sin, thig dorchadas air a ghrein, 's cha toir a ghealach a solus.
25 աստղերը երկինքէն պիտի իյնան, ու երկինքի մէջ եղող զօրութիւնները պիտի սարսին:
Agus bithidh reultan neamh a tuiteam, agus gluaisear na cumhachdan a tha sna flathais.
26 Այն ատեն պիտի տեսնեն մարդու Որդին, ամպերու մէջ եկած՝ մեծ զօրութեամբ ու փառքով:
Agus an sin chi iad Mac an duine sna neoil le cumhachd mhoir agus le gloir.
27 Այն ատեն պիտի ղրկէ իր հրեշտակները եւ պիտի հաւաքէ իր ընտրեալները չորս հովերէն, երկրի ծայրէն մինչեւ երկինքի ծայրը»:
An sin cuiridh e ainglean a mach, is crunnichidh e a dhaoine taghte bho na ceithir gaoithean bho iomall an talmhuinn gu iomall neamh.
28 «Թզենիէ՛ն սորվեցէք առակ մը. երբ անոր ոստերը կակուղնան ու տերեւները ցցուին, կը հասկնաք թէ ամառը մօտ է:
A nis ionnnsuichibh dubhfhacal bhon chraoibh-fhige. Nuair a bhios a miar a nis maoth, 'sa chinneas an duilleach, tha fios agaibh gu bheil an samhradh gle fhaisg:
29 Դուք ալ՝ երբ եղած տեսնէք ասոնք, գիտցէ՛ք թէ մօտ է՝ դռներուն քով:
Mar an ciadna sibhse, nuair a chi sibh na nithean so a tachairt, tuigibh gu bheil e gle dhluth, seadh aig na dorsan.
30 Ճշմա՛րտապէս կը յայտարարեմ ձեզի. “Այս սերունդը պիտի չանցնի, մինչեւ որ այս բոլորը պատահին”:
Gu firinneach tha mi ag radh ribh nach teid an ginealach so seachad, gus an tachair so uile.
31 Երկինք ու երկիր պիտի անցնին, բայց իմ խօսքերս բնա՛ւ պիտի չանցնին»:
Theid neamh agus talamh seachad, ach cha teid m' fhacalsa seachad.
32 «Իսկ այդ օրն ու ժամը՝ ո՛չ մէկ մարդ գիտէ, ո՛չ ալ երկինքի մէջ եղող հրեշտակները, ո՛չ իսկ Որդին, հապա՝ միա՛յն Հայրը:
Ach air an latha no air an uair sin chan eil fios aig duine sam bith, no aig na h-ainglean air neamh, no aig a Mhac, ach aig an Athair.
33 Զգուշացէ՛ք, հսկեցէ՛ք եւ աղօթեցէ՛ք, որովհետեւ չէք գիտեր թէ ատենը ե՛րբ է:
Thugaibh an aire, dianaibh faire agus urnaigh: Oir chan eil fhios agaibh cuin a bhios an t-am.
34 Ինչպէս ճամբորդող մարդ մը կը թողու իր տունը, իրաւասութիւն կու տայ իր ծառաներուն, իւրաքանչիւրին՝ իր գործը, ու դռնապանին կը հրամայէ որ արթուն կենայ:
Tha e ri choltachadh ri duine a dol fad air astar a dh' fhag a thigh, 'sa thug cumhachd dha sheirbhisich thairis air gach obair, 'sa dh' aithn' air an dorsair faire a dhianamh.
35 Ուրեմն արթո՛ւն կեցէք, որովհետեւ չէք գիտեր թէ տան տէրը ե՛րբ պիտի գայ, իրիկո՞ւնը՝ թէ կէս գիշերին, աքլորականչի՞ն՝ թէ առտուն:
Dianaibhse faire mata, (chionn 's nach eil fhios agaibh cuin a thig maighistir an tighe: co dhiu sann anmoch, no mu mhiadhon oidhche, no mu ghairm a choilich, no sa mhaduinn),
36 Թերեւս յանկարծ գալով՝ ձեզ գտնէ քունի մէջ:
Eagal gun tig e gu h-obann, 's gum faigh e sibh nur cadal.
37 Եւ ինչ որ կ՚ըսեմ ձեզի՝ կ՚ըսեմ բոլորին. “Արթո՛ւն կեցէք”»:
Agus na tha mi cantuinn ribhse, tha mi cantuinn ri daoine uile: Dianaibh faire.

< ՄԱՐԿՈՍ 13 >