< Markus 11 >

1 Och då de kommo in mot Jerusalem, till Bethphage och Bethanien, vid Oljoberget, utsände han två af sina Lärjungar;
Agus nuair thainig e teann air Ierusalem is Betania aig sliabh Olibheit, chuir e air adhart dithis dhe a dheisciopuil,
2 Och han sade till dem: Går i byn, som för eder är; och straxt I kommen derin, varden I finnande en fåla bunden, der ännu ingen menniska på sutit hafver; löser honom, och hafver honom hit.
Is thuirt e riutha: Siubhlaibh don bhaile a tha mur coinneamh, agus air ball a dol a stigh ann, gheibh sibh asal og an ceangal, air nach do shuidh duine riamh: fuasglaibh is thugaibh an so e.
3 Och om någor säger till eder: Hvi gören I detta? säger: Herren behöfver honom; och då skall han straxt sända honom hit.
Agus ma their duine sam bith ribh: Ciod tha sibh a dianamh? abraibh, gu bheil feum aig an Tighearna air, agus tillidh e e san uair.
4 Så gingo de bort, och funno fålan bunden för dörrene, vid vägamotet, och löste honom.
'Sa dol air an adhart fhuair iad an t-asal ceangailte air taobh mach a gheata aig coinneachadh da rathaid; is dh' fhuasgail iad e.
5 Och somlige, som der stodo, sade till dem: Hvad gören I, att I lösen fålan?
Agus thuirt cuid den fheadhainn a bha 'nan seasamh an sin riutha: Ciod tha sibh a dianamh a fuasgladh an asail?
6 Då sade de till dem, såsom Jesus hade budit dem; så läto de betämma dem.
Is thuirt iad riutha mar a dh' orduich Iosa dhaibh, is leig iad leo e.
7 Och de hade fålan till Jesum, och kastade sin kläder på honom; och han satte sig deruppå.
Agus thug iad an t-asal gu Iosa; is chuir iad am falluinnean air, agus shuidh e air.
8 Och månge bredde sin kläder på vägen; och somlige skåro qvistar af trän, och strödde på vägen.
Is sgaoil moran an aodaichean air an rathad; agus ghearr feadhainn eile geugan chraobh agus sgap iad air an rathad iad.
9 Och de der föregingo, och der efterföljde, ropade, och sade: Hosianna! välsignad vare den, som kommer i Herrans Namn.
Agus ghlaodh an fheadhainn a chaidh roimhe, 'sa lean e, ag radh: Hosanna:
10 Välsignad vare vårs faders Davids rike, som kommer i Herrans Namn; Hosianna i höjdene!
Is beannaichte esan a tha tighinn an ainm an Tighearna: is beannaichte rioghachd ar n-athar Daibhidh a tha tighinn: Hosanna anns na h-ardaibh.
11 Och Herren gick in i Jerusalem, och i templet, och besåg all ting. Och när det led åt aftonen, gick han ut till Bethanien, med de tolf.
Is chaidh e stigh do Ierusalem thun an teampuill; 's an deigh amharc air gach ni mun cuairt, bho na bha 'm feasgar a nis ann, chaidh e gu Betania maille ris na dha dhiag.
12 Och dagen derefter, då de gingo ut ifrå Bethanien, hungrade honom.
'S an ath latha nuair a chaidh iad a mach a Betania, bha acras air.
13 Och han fick se ett fikonaträ der långt ifrå, som löf hade; dit kom han, om han tilläfventyrs måtte finna der något uppå; och då han kom dit, fann han der intet annat än löf; ty det var icke då tid till fikon.
'S nuair a chunnaic e fad as craobh-fhige air an robh duilleach, thainig e fiach am faigheadh e ma dh' fhaoidte dad oirre; 's nuair a rainig e i, cha d' fhuair e ach duilleagan: oir cha robh am nam figis ann.
14 Och Jesus svarade, och sade till det: Äte aldrig någor härefter frukt af dig till evig tid. Och hans Lärjungar hörde det. (aiōn g165)
'Sa freagairt, thuirt e rithe: A so suas gu brath na itheadh neach meas dhiot. Agus bha dheisciopuil ga chluinntinn. (aiōn g165)
15 Och de kommo till Jerusalem. Och Jesus gick in i templet, och begynte utdrifva dem som sålde och köpte i templet; och förstörte de vexlares bord, och deras stolar som dufvor sålde;
Is rainig iad Ierusalem. 'S nuair a chaidh e stigh don teampull, thoisich e ri fuadachadh a mach na feadhnach a bha reic, 's na feadhnach a bha ceannach san teampull; agus leag e buird luchd-malairt an airgid, is cathraichean luchd-reic chalman.
16 Och stadde icke till, att någor bar något genom templet.
'S chan fhuiligeadh e gun giulanadh neach sam bith saghach tromhn teampull:
17 Och han lärde, och sade till dem: Är icke skrifvet: Mitt hus skall kallas ett bönehus allom folkom? Men I hafven gjort det till en röfvarekulo.
Is theagaisg e, ag radh riutha: Nach eil e sgriobhte: Gun abrar tigh urnaigh ri mo thighsa am measg nan cinneach uile? Ach rinn sibhse uamh mheirleach dheth.
18 Och de Skriftlärde och öfverste Presterne fingo det höra; och begynte söka efter, huru de kunde förgöra honom, men de fruktade för honom; ty allt folket förundrade sig på hans lärdom.
Agus nuair chuala na h-ard-shagairt 's na Sgriobhaich so, dh' iarr iad ciamar a dh' fhaodadh iad cur as dha: oir bha eagal aca roimhe, a chionn gun robh an sluagh uile a gabhail ioghnaidh ri theagasg.
19 Och då aftonen kom, gick han utu staden.
Agus nuair thainig am feasgar, chaidh e mach as a bhaile.
20 Och om morgonen gingo de der framom, och sågo fikonaträt förtorkadt vara intill roten.
'S nuair a bha iad a gabhail seachad sa mhaduinn, chunnaic iad a chraobh-fhige seargte bho friamhaichean.
21 Då kom Petrus det ihåg, och sade till honom: Rabbi, si, det fikonaträt, som du bannade, är förtorkadt.
Is Peadar a cuimhneachadh, thuirt e ris: A Rabbi, seall, tha chraobh fhige, a mholluich thu, air seargadh as.
22 Jesus svarade, och sade till dem: Hafver trona till Gud.
Is Iosa freagairt, thuirt e riutha: Biodh creideamh Dhe agaibh.
23 Sannerliga säger jag eder: Hvilken som helst sade till detta berg: Häf dig upp, och kasta dig i hafvet; och han tviflade intet i sitt hjerta, utan trodde så ske skola som han sade; honom skall ske allt det han säger.
Gu deimhinn tha mi radh ribh, co sam bith a their ris a bheinn so; Tog agus tilg thu fhein sa mhuir, agus aig nach bi teagamh na chridhe, ach a chreideas gun dianar ciod sam bith a their e, gum bi e diante dha.
24 Derföre säger jag eder: Allt det I bedjen i edra böner, tror att I fån det, så skall det ske eder.
Air an aobhar sin tha mi ag radh ribh: Ge b' e ni dh' iarras sibh ann an urnaigh, creidibh gum faigh sibh e, is thig e gur n-ionnsuidh.
25 Och när I stån och bedjen, så förlåter, om I något hafven emot någon; på det edar Fader, som i himmelen är, skall ock förlåta eder edra brister.
'S nuair sheasas sibh a dhianamh urnaigh, mathaibh, ma tha dad agaibh an aghaidh duine sam bith los gum math ur n-Athair a tha air neamh ur peacannan fhein dhuibhse.
26 Men om I icke förlåten, så skall icke heller edar Fader, som är i himmelen, förlåta det I bryten.
Ach mur math sibh, cha mhua mhathas ur n-Athair a tha air neamh ur peacannan fhein dhuibhse.
27 Och som de kommo åter till Jerusalem, och han gick i templet, kommo till honom de öfverste Presterna, och de Skriftlärde, och de äldste;
Agus thainig iad a rithist gu Ierusalem. 'S nuair a bha e coiseachd san teampull, thainig na h-ard-shagairt, agus na Sgriobhaich, agus na seanairean ga ionnsuidh,
28 Och de sade till honom: Af hvad magt gör du detta? Och hvilken hafver gifvit dig denna magten, att du detta göra skall?
Is thuirt iad ris; Ciod an t-ughdaras leis a bheil thu dianamh nan nithean so? is co thug an t-ughdaras so dhut gu bheil thu gan dianamh?
29 Jesus svarade, och sade till dem: Jag vill ock något spörja eder; svarer mig, så vill jag säga eder, af hvad magt jag detta gör.
Agus Iosa a freagairt, thuirt e riutha: Cuiridh mise aon cheist oirbh, agus freagraibh mi; agus innsidh mise dhuibhse ciod an t-ughdaras leis a bheil mi dianamnh nan nithean so.
30 Johannis döpelse, var den af himmelen, eller af menniskor? Svarer mig.
Baisteadh Eoin, an ann bho neamh, no bho dhaoine a bha e? Freagraibh mi.
31 Och de tänkte vid sig, och sade: Säge vi, af himmelen; då säger han: Hvi trodden I honom icke då?
Ach smaoinich iadsan annta fhcin, ag radh: Ma their sinn: bho neamh, their e: Carson ma ta nach do chreid sibh e?
32 Men säge vi, att den var af menniskom, rädes vi för folket; ty alle höllo Johannes för en sann Prophet.
Ma their sinn: bho dhaoine, tha eagal an t-sluaigh oirnn: oir sheall daoine uile air Eoin mar fhior fhaidh.
33 Och så svarade de, sägande till Jesum: Vi vete det icke. Svarade Jesus, och sade till dem: Icke heller säger jag eder, af hvad magt jag detta gör.
'Sa freagairt thuirt iad ri Iosa: Chan eil fhios againn. Is thuirt Iosa riutha, 's e freagairt: Cha mhua dh' innseas mise dhuibhse ciod an t-ughdaras leis a bheil mi dianamh so.

< Markus 11 >