< ՄԱՐԿՈՍ 1 >

1 Աստուծոյ Որդիին՝ Յիսուս Քրիստոսի աւետարանին սկիզբը:
T OISEACHD soisgeul Iosa Criosda, Mac Dhe.
2 Ինչպէս Մարգարէներուն մէջ գրուած է. «Ահա՛ ես կը ղրկեմ իմ պատգամաւորս քու առջեւէդ. ան պիտի պատրաստէ ճամբադ՝ քու առջեւդ»:
Air reir 's mar tha e sgriobhte san fhaidh Isaias: seall, cuiridh mi m' aingeal roimh do ghnuis, a reiticheas do shlighe romhad.
3 «Անապատին մէջ գոչողին ձայնը. “Պատրաստեցէ՛ք Տէրոջ ճամբան, շտկեցէ՛ք անոր շաւիղները”»:
Guth neach ag eigheach san fhasach: Reitichibh slighe an Tighearna, agus dianaibh a rathadain direach.
4 Յովհաննէս կը մկրտէր անապատին մէջ եւ կը քարոզէր ապաշխարութեան մկրտութիւնը՝ մեղքերու ներումին համար:
Bha Eoin anns an fhasach a baisteadh, 'sa searmonachadh baisteadh an aithreachais gu mathanas pheacannan.
5 Ամբողջ Հրէաստանի երկիրը ու բոլոր Երուսաղեմացիները կ՚երթային անոր: Բոլորը կը մկրտուէին անկէ Յորդանան գետին մէջ՝ իրենց մեղքերը խոստովանելով:
Agus chaidh duthaich Iudea uile mach ga ionnsuidh, agus muinntir Ierusalem gu leir, is bhaisteadh iad leis ann an abhuinn Iordain ag aideachadh am peacannan.
6 Յովհաննէս հագած էր ուղտի մազէ հագուստ, եւ իր մէջքը կապած էր կաշիէ գօտի. իր կերակուրը մարախ ու վայրի մեղր էր:
Agus bha Eoin air eideadh le fionnadh chamhal, is crios leathair mu mheadhon; agus dh' ith e locuist is mil fhiadhaich. Agus shearmonaich e ag radh:
7 Ան կը քարոզէր ու կ՚ըսէր. «Ինձմէ հզօրը կու գայ իմ ետեւէս: Ես արժանի չեմ ծռելու եւ անոր կօշիկներուն կապերը քակելու:
Tha fear nas cumhachdaiche na mise tighinn as mo dheigh: neach nach airidh mise air cromadh sios is barail a bhrogan fhuasgladh.
8 Արդարեւ ես ջուրո՛վ մկրտեցի ձեզ, բայց ան Սուրբ Հոգիո՛վ պիտի մկրտէ ձեզ»:
Bhaist mise sibh le uisge; ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh.
9 Այդ օրերը Յիսուս Գալիլեայի Նազարէթէն եկաւ, ու Յովհաննէսէ մկրտուեցաւ Յորդանանի մէջ:
Is thachair, gun tainig Iosa anns na laithean sin bho Nasareth Ghalile; agus bhaisteadh e le Eoin ann an abhuinn Iordan.
10 Իսկոյն ջուրէն դուրս ելլելով՝ տեսաւ երկինքը բացուած, եւ Հոգին՝ որ աղաւնիի պէս կ՚իջնէր իր վրայ.
'S air ball a direadh as an uisge, chunnaic e neamh fosgailte, 's an Spiorad mar chalman a tearnadh 'sa fantuinn air.
11 ու ձայն մը եկաւ երկինքէն՝ որ կ՚ըսէր. «Դո՛ւն ես իմ սիրելի Որդիս՝ որուն հաճեցայ»:
Agus thainig guth bho neamh: Is tusa mo Mhac gaolach, is mor mo thlachd dhiot.
12 Իսկոյն Հոգին անապատը մղեց զայն:
Agus ghrad-ghreas an Spiorad e dhan fhasach.
13 Քառասուն օր հոն էր՝ անապատին մէջ՝ Սատանայէն փորձուած. գազաններու հետ էր, եւ հրեշտակները կը սպասարկէին իրեն:
Agus bha e san fhasach da-fhichead latha, agus da-fhichead oidhche; is bhuaireadh le Satan e; 's bha e comhla ris na h-ainmhidhean, agus bha na h-ainglean a frithealadh dha.
14 Յովհաննէսի մատնուելէն ետք Յիսուս՝ Գալիլեա գալով՝ Աստուծոյ արքայութեան աւետարանը կը քարոզէր
'S an deigh do dh' Eoin a bhith air a chuir an greim, thainig Iosa do Ghalile, a searmonachadh soisgeul rioghachd Dhe,
15 ու կ՚ըսէր. «Ժամանակը լրացած է, եւ Աստուծոյ թագաւորութիւնը մօտեցած է. ապաշխարեցէ՛ք, ու հաւատացէ՛ք աւետարանին»:
'S ag radh: Tha 'n t-am air a choimhlionadh, 's tha rioghachd Dhe aig laimh; deanaibh aithreachas, agus creidibh san t-soisgeul.
16 Երբ Գալիլեայի ծովուն եզերքը կը քալէր, տեսաւ Սիմոնը եւ Սիմոնի եղբայրը՝ Անդրէասը, ծովը ուռկան նետած, որովհետեւ ձկնորս էին:
'Sa gabhail ri taobh muir Ghalile, chunnaic e Simon, agus Anndra a bhrathair, a cur lion sa mhuir (oir b' iasgairean iad.),
17 Յիսուս ըսաւ անոնց. «Եկէ՛ք իմ ետեւէս, ու մարդո՛ց որսորդ պիտի ընեմ ձեզ»:
Agus thuirt Iosa riutha: Thigibh leanaibh mise, agus ni mi iasgairean dhaoine dhibh.
18 Անոնք ալ իսկոյն թողուցին իրենց ուռկանները եւ հետեւեցան անոր:
Agus ghrad dh' fhag iad na lin, is lean iad e.
19 Անկէ քիչ մը յառաջ երթալով՝ տեսաւ Զեբեդեան Յակոբոսն ու անոր եղբայրը՝ Յովհաննէսը, որոնք նաւուն մէջ կը կարկտնէին իրենց ուռկանները:
'Sa gabhail as a sin ceum beag air adhart, chunnaic e Seumas mac Shebede agus Eoin a bhrathair, 's iad a caradh nan lion sa bhata:
20 Իսկոյն կանչեց զանոնք. անոնք ալ գացին անոր ետեւէն, նաւուն մէջ ձգելով իրենց հայրը՝ Զեբեդէոսը վարձկաններուն հետ:
Agus ghairm e iad san uair. 'Sa fagail an athar Sebede maille ris an luchd thuarasdail sa bhata, lean iad e.
21 Մտան Կափառնայում, եւ իսկոյն Շաբաթ օրը ժողովարանը մտնելով՝ կը սորվեցնէր:
Agus chaidh iad a stigh do Chapharnaum; agus air dha a dhol a stigh gun dail air na laithean sabaid dhan t-sinagog, theagaisg e iad.
22 Անոնք կ՚ապշէին անոր ուսուցումին վրայ, որովհետեւ անոնց կը սորվեցնէր իշխանութիւն ունեցողի մը պէս, ո՛չ թէ դպիրներուն պէս:
Agus ghabh iad ioghnadh ri theagasg: oir bha e gan teagasg mar neach aig an robh cumhachd, 's chan ann mar na Sgriobhaich.
23 Անոնց ժողովարանին մէջ մարդ մը կար՝ անմաքուր ոգիով: Ան աղաղակեց.
Agus bha san t-sinagag aca duine anns an robh spiorad neoghlan, is dh' eigh e
24 «Թո՛ղ մեզ. դուն ի՞նչ ունիս մեզի հետ, Յիսո՛ւս Նազովրեցի. միթէ մեզ կորսնցնելո՞ւ եկար: Գիտեմ թէ ո՛վ ես՝ Աստուծոյ Սուրբը»:
Ag radh: Ciod an comunn eadar sinn agus thusa, Iosa bho Nasareth? An tainig thu gus ar sgrios? Is aithne dhomh co thu, Aon Naomh Dhe.
25 Յիսուս զայն սաստեց՝ ըսելով. «Պապանձէ՛ ու ելի՛ր ատկէ»:
Is mhaoith Iosa air, ag radh: Bi samhach, agus gabh a-mach as an duine.
26 Անմաքուր ոգին սաստիկ ցնցեց զայն, բարձրաձայն աղաղակեց եւ ելաւ անկէ:
'S an spiorad neoghlan ga reubadh, 's ag eigheach le guth ard, chaidh e mach as.
27 Բոլորը այլայլեցան, ա՛յնքան՝ որ կը հարցնէին իրարու. «Այս ի՞նչ է. ի՞նչ նոր ուսուցում է ասիկա, որովհետեւ անմաքուր ոգիներո՛ւն ալ կը հրամայէ իշխանութեամբ, ու կը հնազանդին իրեն»:
Agus ghabh iad uile ioghnadh, ionnus gun d' fharraid iad 'nam measg fhein, ag radh: De tha so? De an teagasg ur so? oir tha e toirt orduigh le cumhachd do na spioraid neoghlan fhein, agus tha iad umhail dha.
28 Եւ իսկոյն իր համբաւը տարածուեցաւ Գալիլեայի ամբողջ շրջակայքը:
'Agus sgaoil iomradh air gun dail feadh duthaich Ghalile uile.
29 Իսկոյն ժողովարանէն ելլելով՝ Յակոբոսի ու Յովհաննէսի հետ մտաւ Սիմոնի եւ Անդրէասի տունը:
'Sa dol a mach air ball as an t-sinagog, thainig iad maille ri Seumas is Eoin gu tigh Shimoin is Anndra.
30 Սիմոնի զոքանչը պառկած էր՝ տենդով հիւանդացած. իսկոյն անոր մասին ըսին իրեն:
Agus bha mathair-cheile Shimoin 'na laidhe ann am fiabhras; agus dh 'innis iad dha gun dail mu deidhinn.
31 Յիսուս մօտեցաւ, բռնեց անոր ձեռքէն ու ոտքի հանեց զայն. իսկոյն տենդը թողուց զայն, եւ կը սպասարկէր անոնց:
Agus thainig e, 'sa breith air laimh oirre thog e i is ghrad-dh' fhag am fiabhras i, agus fhreasdail i dhaibh.
32 Երբ իրիկուն եղաւ, արեւին մայր մտած ատենը՝ բոլոր ախտաւորներն ու դիւահարները իրեն կը բերէին:
'S nuair thainig am feasgar, 'sa chaidh a ghrian fodha, thug iad ga ionnsuidh iadsan uile a bha easlainteach, agus anns an robh deomhain.
33 Ամբողջ քաղաքը դուռը հաւաքուած էր:
'S bha am baile uile air cruinneachadh aig an dorus.
34 Շատ հիւանդներ՝ զանազան ախտերէ բուժեց, եւ շատ դեւեր դուրս հանեց: Դեւերուն թոյլ չէր տար որ խօսին, որովհետեւ կը ճանչնային զինք:
Agus leighis e moran, a bha air an leireadh le iomadh gne ghalar, agus thilg e mach moran dheomhan, 's cha do leig e leo labhairt, a chionn 's gum b' aithne dhaibh e.
35 Առտուն՝ արշալոյսէն շատ առաջ՝ կանգնեցաւ, դուրս ելաւ, գնաց ամայի տեղ մը, ու հոն աղօթեց:
'S ag eirigh ro-mhoch, 'sa dol a mach, chaidh e gu aite fas; is rinn e urnaigh an sin.
36 Սիմոն եւ իրեն հետ եղողները հետապնդեցին զայն:
Agus lean Simon e, agus iadsan a bha comhla ris.
37 Երբ գտան զայն՝ ըսին անոր. «Բոլորը կը փնտռեն քեզ»:
'S nuair a fhuair iad e, thuirt iad ris: Tha iad uile gad shireadh.
38 Ըսաւ անոնց. «Եկէ՛ք երթանք մերձակայ գիւղաքաղաքները, որպէսզի հոն ալ քարոզեմ, որովհետեւ եկած եմ ա՛յս նպատակով»:
Is thuirt e riutha: rachamaid dha na bailtean sa choimhearsnachd, gus an searmonaich mi an sin cuideachd: 's gur ann air son so a thainig mi.
39 Եւ անոնց ժողովարաններուն մէջ կը քարոզէր՝ ամբողջ Գալիլեայի մէջ, ու դեւեր կը հանէր:
'S bha e teagasg 'nan sinagogan, 's feadh Ghalile uile, 'sa tilgeadh a-mach dheomhan.
40 Բորոտ մըն ալ եկաւ. կ՚աղաչէր, կը ծնրադրէր ու կ՚ըսէր անոր. «Եթէ ուզես՝ կրնա՛ս զիս մաքրել»:
Agus thainig lobhar ga ionnsuidh, a guidhe air; 'sa tuiteam air a ghluinean, thuirt e ris: Ma 's aill leat, is urrainn dhut mo ghlanadh.
41 Յիսուս գթալով՝ երկարեց ձեռքը, դպաւ անոր եւ ըսաւ. «Կ՚ուզե՛մ, մաքրուէ՛»:
'Sa gabhail truais ris, shin Iosa a lamh, 'sa beantuinn dha, thuirt e ris: Is aill leam: bi glan.
42 Երբ ասիկա ըսաւ անոր, իսկոյն բորոտութիւնը գնաց անկէ, ու մաքրուեցաւ:
'S nuair thuirt e so, ghrad-dh' fhag an luibhre e, agus bha e air a ghlanadh.
43 Իսկ ինք ազդարարեց անոր եւ իսկոյն ուղարկեց՝ ըսելով անոր.
'S thug e sparradh cruaidh dha, agus leig e air falbh e gun dail;
44 «Զգուշացի՛ր որ ո՛չ մէկուն բան մը ըսես. հապա գնա՛, ցո՛յց տուր քեզ քահանային, ու մատուցանէ՛ քու մաքրուելուդ ընծան՝ որ Մովսէս պատուիրեց, իբր վկայութիւն անոնց»:
'S thuirt e ris: Fiach nach innis thu do neach sam bith: ach falbh, fiach thu fhein don ard-shagart, agus tairg air son do ghlanaidh na nithean a dh' orduich Maois, mar theisteanas dhaibh.
45 Բայց ան դուրս ելլելով՝ սկսաւ շատ հրապարակել եւ բանը տարածել, այնպէս որ ա՛լ ինք չէր կրնար բացայայտօրէն քաղաք մը մտնել, հապա դուրսը՝ ամայի տեղեր էր. սակայն ամէն կողմէ կու գային իրեն:
Ach air dhasan a dhol a mach, thoisich e ri innse, 's ri sgaoileadh an sgeoil; air chor 's nach b' urrainn dha a nis a dhol a stigh don bhaile gu follaiseach, ach dh' fhuirich e a mach ann an aiteachan fas, agus chrunnaich iad as gach aite ga ionnsuidh.

< ՄԱՐԿՈՍ 1 >