< ՄԱՐԿՈՍ 7 >

1 Փարիսեցիներէն ու դպիրներէն ոմանք՝ որ եկած էին Երուսաղէմէն՝ իր քով հաւաքուեցան:
Agus thainig na Phairisich ga ionnsuidh, is cuid dhe na Sgriobhaich bho Ierusalem.
2 Երբ տեսան թէ անոր աշակերտներէն ոմանք՝ պիղծ, այսինքն՝ անլուայ ձեռքերով հաց կ՚ուտեն, մեղադրեցին.
Agus nuair a chunnaic iad cuid dhe dheisciopuil ag ithe arain le lamhan cumanta, se sin, gun an nighe, fhuair iad coire dhaibh.
3 որովհետեւ Փարիսեցիներն ու բոլոր Հրեաները հաց չեն ուտեր՝ մինչեւ որ լա՛ւ մը լուան իրենց ձեռքերը, քանի որ նախնիքներուն աւանդութիւնը կը պահեն:
Oir chan ith na Phairisich, agus na h-Iudhaich uile biadh, mur nigh iad an lamhan gu tric, a leantuinn beul-aithris nan seanairean.
4 Շուկայէն եկած ատեն եթէ չլուացուին՝ չեն ուտեր: Ասոնց նման շատ բաներ կան, որոնք ընդունած են ու կը պահեն, ինչպէս՝ գաւաթներու, փարչերու, պղինձէ անօթներու եւ սեղաններու լուացումը:
Agus ma thig iad bhon mhargadh, chan ith iad gun ionnlad; 's tha iomadh ni eile ann, a tha air an orduchadh dhaibh a chumail, mar tha nighe chupaichean, is phoitean, is shoitheachan praise.
5 Հետեւաբար Փարիսեցիներն ու դպիրները հարցուցին անոր. «Ինչո՞ւ քու աշակերտներդ նախնիքներուն աւանդութեան համաձայն չեն շարժիր, եւ անլուայ ձեռքերով հաց կ՚ուտեն»:
Agus dh' fharraid na Phairisich 's na Sgriobhaich dheth: Carson nach eil do dheisciopuil a leantuinn beul-aithris nan seanairean, ach ag ithe arain le lamhan gun nighe?
6 Ինք ալ պատասխանեց անոնց. «Եսայի ճի՛շդ մարգարէացաւ ձեր մասին, կեղծաւորնե՛ր, ինչպէս գրուած է. “Այս ժողովուրդը միայն շրթունքո՛վ կը պատուէ զիս, բայց իրենց սիրտը հեռու է ինձմէ.
Ach esan a freagairt, thuirt e riutha: Is math a dh' fhaisnich Isaias mur deidhinn, a chealgairean, mar tha e sgriobhte: Tha 'm pobull so toirt urraim dhomhsa lem bilean: ach tha an cridhe fada bhuam.
7 ու պարապ տեղը կը պաշտեն զիս՝ մարդոց պատուէրները իբր վարդապետութիւն սորվեցնելով”:
Agus is faoin dhaibh a bhith toirt aoraidh dhomhsa,'s iad a teasgasg puingean is orduighean dhaoine.
8 Որովհետեւ Աստուծոյ պատուիրանը ձգելով՝ մարդո՛ց աւանդութիւնը կը պահէք, ինչպէս՝ փարչերու եւ գաւաթներու լուացումը, ու ասոնց նման շատ ուրիշ բաներ կ՚ընէք»:
Oir a fagail fainte Dhe, tha sibh a cumail beul-aithris dhaoine, mar tha nighe phoitean, is chupaichean; agus moran nithean eile den leithidean sin tha sibh a dianamh.
9 Եւ ըսաւ անոնց. «Լա՛ւ կ՚անարգէք Աստուծոյ պատուիրանը, որպէսզի ձեր աւանդութիւնը պահէք:
Is thuirt e riutha: Is math tha sibh a cur fainte Dhe air chul, gus ur beul-aithris fhein a chumail.
10 Քանի որ Մովսէս ըսաւ. “Պատուէ՛ հայրդ ու մայրդ. եւ ո՛վ որ անիծէ իր հայրը կամ մայրը, մահո՛վ թող վախճանի”:
Oir thuirt Maois: Thoir onair dhad athair is dhad mhathair; agus: Am fear a mhollaicheas athair no mhathair, a basachadh basaicheadh e.
11 Բայց դուք կ՚ըսէք. “Եթէ մէկը իր հօր կամ մօր ըսէ. "Ի՛նչ օգուտ որ ինձմէ պիտի ստանաս՝ Աստուծոյ տալիք կորբան է", (որ կը նշանակէ՝ ընծայ, ) ան ազատ կ՚ըլլայ”,
Ach tha sibhse ag radh: Ma their duine ri 'athair no ri mhathair corban sam bith (Se sin tobhartas) bhuamsa, thig e gu buannachd dhutsa
12 եւ ա՛լ թոյլ չէք տար անոր՝ բա՛ն մը ընել իր հօր կամ մօր:
Agus thar sin cha leig sibh leis dad a dhianamh dha athair, no dha mhathair,
13 Անվաւեր կը դարձնէք Աստուծոյ խօսքը՝ ձեր փոխանցած աւանդութեամբ, ու շատ ուրիշ բաներ կ՚ընէք՝ ասոր նման»:
Mar sin, a cur facal Dhe air chul le ur bial-aithris fhein, a tha sibh a cumail a dol, agus tha sibh a dianamh iomadh ni eile coltach riutha sin.
14 Ամբողջ բազմութիւնը իրեն կանչելով՝ ըսաւ անոնց. «Բոլո՛րդ ալ մտիկ ըրէք ինծի, ու հասկցէ՛ք:
'Sa gairm a rithist an t-sluaigh ga ionnsuidh, thuirt e riutha: Eisdibh rium uile, agus tuigibh.
15 Ոչինչ կայ՝ որ դուրսէն մտնէ մարդուն մէջ ու կարող ըլլայ պղծել զայն. հապա ինչ որ դուրս կ՚ելլէ անկէ, անիկա՛ է որ կը պղծէ մարդը:
Chan eil ni a dol a staigh ann an duine bhon taobh a mach, a 's urrainn a thruailleadh: ach 'siad na nithean a tha tighinn a mach a duine, a tha truailleadh an duine.
16 Ո՛վ որ ականջ ունի լսելու՝ թող լսէ»:
Ma tha cluasan aig neach sam bith gu cluinntinn, cluinneadh e.
17 Երբ ինք՝ զատուելով այդ բազմութենէն՝ տուն մտաւ, իր աշակերտները հարցուցին իրեն այդ առակին մասին:
Agus nuair a chaidh e stigh don tigh bhon t-sluagh, dh' fharraid a dheisciopuil dheth mun dubhfhacal.
18 Ըսաւ անոնց. «Դո՞ւք ալ այդպէս անխելք էք. չէ՞ք ըմբռներ թէ ամէն ինչ՝ որ դուրսէ՛ն կը մտնէ մարդուն մէջ, չի կրնար պղծել զայն,
Is thuirt e riutha: A bheil sibhse mar sin gun tuigse? Nach eil sibh a tuigsinn, nach eil ni sam bith a dol a stigh ann an duine bhon taobh a mach, a 's urrainn a thruailleadh:
19 որովհետեւ ո՛չ թէ անոր սիրտին մէջ կը մտնէ՝ հապա փորը, եւ արտաքնոցը դուրս կ՚ելլէ. ուստի բոլոր կերակուրները մաքուր են՝՝»:
A chionn 's nach eil e a dol a stigh 'na chridhe, ach a dol a stigh na bhroinn, theid e mach don dun. (Mar sin, a glanadh bhiadhan uile).
20 Նաեւ ըսաւ. «Ինչ որ կ՚ելլէ մարդուն ներսէն, անիկա՛ կը պղծէ մարդը:
Ach thuirt e, gur iad na nithean, a thig a mach as an duine a thruailleas an duine.
21 Որովհետեւ ներսէ՛ն, մարդոց սիրտէ՛ն, կ՚ելլեն չար մտածումներ, շնութիւններ, պոռնկութիւններ, սպանութիւններ,
Oir 'sann bhon taobh a stigh a cridhe dhaoine a thig droch smaointean, adhaltras, striopachas, murt,
22 գողութիւններ, ագահութիւններ, չարութիւններ, նենգութիւն, ցոփութիւն, չար աչք, հայհոյութիւն, ամբարտաւանութիւն, անմտութիւն:
Goid, sannt, drochbheart, foill, mi-gheamnachd, droch-shuil, blaisbheum, uabhar, aimideachd.
23 Այս բոլոր չար բաները ներսէ՛ն կ՚ելլեն ու կը պղծեն մարդը»:
Tha na h-uilc sin uile a struthadh bhon taobh stigh, 's tha iad a truailleadh an duine.
24 Կանգնելով՝ անկէ գնաց Տիւրոսի եւ Սիդոնի հողամասերը, ու տուն մը մտնելով՝ կ՚ուզէր որ ո՛չ մէկը գիտնայ. բայց չկրցաւ թաքուն մնալ:
'S ag eirigh as a sin, chaidh e gu criochan Thiruis agus Shidoin; 'sa dol a stigh do thigh, cha b' aill leis gum biodh fios aig duine sam bith air, ach cha b' urrainn dha a bhith am falach.
25 Որովհետեւ կին մը, որուն աղջիկը անմաքուր ոգի ունէր իր մէջ, լսեց անոր մասին, եկաւ եւ ինկաւ անոր ոտքը:
Oir cho luath 'sa chuala boirionnach, aig an robh nighean anns an robh spiorad neoghlan, mu dheidhinn, chaidh i stigh, agus thuit i aig a chasan.
26 Այդ կինը հեթանոս էր, փիւնիկ-ասորի ցեղէն, ու կը թախանձէր անոր՝ որ հանէ դեւը իր աղջիկէն:
Oir bu bhana-phaganach am boirionnach de chinneadh Shirophenissa. Agus ghrios i air gun cuireadh e an deomhan as a h-ighinn.
27 Յիսուս ըսաւ անոր. «Թո՛յլ տուր՝ որ նախ զաւակնե՛րը կշտանան, քանի որ լաւ չէ առնել զաւակներուն հացը եւ նետել շուներուն»:
Thuirt esan rithe: Leig leis a chloinn a bhith air an riarachadh an toiseachd: oir chan eil e math aran na cloinne a ghabhail, 'sa thilgeadh thun nan con.
28 Ան ալ պատասխանեց անոր. «Այո՛, Տէ՛ր. սակայն շուներն ալ՝ սեղանին ներքեւ՝ կը կերակրուին զաւակներուն փշրանքներէն»:
Ach fhreagair ise, is thuirt i ris: Is fior sin, a Thighearna, ach ithidh na cuileinean fon bhord de chriomagan na cloinne.
29 Յիսուս ըսաւ անոր. «Այդ խօսքիդ համար՝ գնա՛, դեւը դուրս ելաւ աղջիկէդ»:
Is thuirt e rithe: Air son an fhacail so bi falbh, chaidh an deomhan a mach as do nighinn.
30 Կինը իր տունը երթալով՝ գտաւ որ դեւը ելած էր, իսկ աղջիկը՝ պառկած մահիճին վրայ:
'S nuair rainig i a tigh, fhuair i an nighean 'na laidhe air an leabaidh, 's an deomhan air a dhol a mach aisde.
31 Դարձեալ Տիւրոսի եւ Սիդոնի հողամասերէն մեկնելով՝ գնաց Գալիլեայի ծովեզերքը, Դեկապոլիսի հողամասին մէջէն:
'Sa triall a rithist a criochan Thiruis, thainig e tromh Shidon gu muir Ghalile tromh mhiadhon criochan Dhecapolis.
32 Մէկը բերին անոր առջեւ, խուլ ու դժուարախօս, եւ կ՚աղաչէին՝ որ ձեռք դնէ անոր վրայ:
Agus thug iad ga ionnsuidh duine bodhar is balbh, agus ghuidh iad air, gun cuireadh e a lamh air.
33 Բազմութենէն մէկդի առնելով զայն՝ իր մատները մխեց անոր ականջներուն մէջ ու թքնեց, եւ դպաւ անոր լեզուին.
Is ga thoirt a lethtaobh a mach as an t-sluagh, chuir e mheoir 'na chluasan; 's le shile bhean e dha theangaidh;
34 ապա երկինք նայելով՝ հառաչեց ու ըսաւ անոր. «Եփփաթա՛», (որ ըսել է՝ բացուէ՛.)
'S ag amharc suas gu neamh, thug e osnadh, is thuirt e: Ephpheta, se sin, bi air d' fhosgladh.
35 իսկոյն բացուեցան անոր ականջները եւ քակուեցաւ անոր լեզուին կապը, ու շիտակ կը խօսէր:
Agus san uair dh' fhosgladh a chluasan, agus dh' fhuasgladh ceangal a theangaidh, is labhair e ceart.
36 Պատուիրեց անոնց՝ որ ո՛չ մէկուն ըսեն. սակայն ինք ո՛րքան կը պատուիրէր անոնց, անոնք ա՛լ աւելի կը հրապարակէին:
Is dhaithn e orra gun iad a dh' innse do neach sam bith. Ach mar is mua dh' aithn e orra 'sann is mua bha iadsan ga innse;
37 Չափազանց կ՚ապշէին ու կ՚ըսէին. «Ան ամէն ինչ լաւ կ՚ընէ. խուլերուն լսել կու տայ, եւ համրերուն՝ խօսիլ»:
Agus sann is mua ghabh iad ioghnadh, ag radh: Rinn e a h-uile ni gu math; thug e air na bodhair cluinntinn, agus air na balbhain labhairt.

< ՄԱՐԿՈՍ 7 >