< ՄԱՐԿՈՍ 16 >

1 Երբ Շաբաթը անցաւ, Մարիամ Մագդաղենացին, Յակոբոսի մայրը՝ Մարիամ, ու Սողովմէ բոյրեր գնեցին, որպէսզի երթան եւ օծեն զայն:
'S nuair a chaidh an t-sabaid seachad, cheannaich Mairi Magdalen, is Mairi mathair Sheumais, agus Salome, spiosradh, los gum falbhadh iad gus Iosa ungadh.
2 Մէկշաբթի առտուն՝ շատ կանուխ, երբ արեւը կը ծագէր, գացին գերեզմանը,
Agus ro-mhoch sa mhaduinn air a chiad latha den t-seachduin, thainig iad thun na h-uaighe an deigh eirigh na greine.
3 ու կ՚ըսէին իրարու. «Մեզի համար ո՞վ պիտի գլորէ քարը՝ գերեզմանին դռնէն»,
'S bha iad ag radh ri cheile: Co charaicheas a chlach dhuinn bho bhial na h-uaighe?
4 որովհետեւ շատ մեծ էր: Բայց նայելով՝ տեսան թէ քարը գլորուած էր:
'Sa toirt sula, chunnaic iad a chlach air a carachadh air falbh. Oir b' anabarrach mor i.
5 Մտնելով գերեզմանէն ներս՝ տեսան երիտասարդ մը, որ նստած էր աջ կողմը՝ ճերմակ պարեգօտ հագած, եւ զարհուրեցան:
'Sa dol a stigh dhan uaigh, chunnaic iad fear og na shuidhe air an taobh dheas, an eideadh geal, agus bha sgath orra.
6 Ան ալ ըսաւ անոնց. «Մի՛ զարհուրիք. Յիսուս Նազովրեցի՛ն կը փնտռէք՝ որ խաչուեցաւ: Ան յարութի՛ւն առաւ, հոս չէ: Ահա՛ այն տեղը՝ ուր դրին զայն:
Is thuirt e riutha: Na biodh eagal oirbh: tha sibh a sireadh Iosa bho Nasareth a chaidh a cheusadh: dh' eirich e, chan eil e an so, seallaibh an t-aite far na chuir iad e.
7 Ուրեմն գացէ՛ք, ըսէ՛ք անոր աշակերտներուն ու Պետրոսի՝ թէ ահա՛ ձեզմէ առաջ կ՚երթայ Գալիլեա. հո՛ն պիտի տեսնէք զայն՝ ինչպէս ըսաւ ձեզի»:
Ach falbhaibh, is innsibh dha dheisciopuil, agus do Pheadar, gu bheil e dol roimhibh do Ghalile: chi sibh an sin e, mar thuirt e ribh.
8 Անոնք՝ դողով եւ հիացումով համակուած՝ դուրս ելան՝՝ ու փախան գերեզմանէն, եւ ո՛չ մէկ բան ըսին ոեւէ մէկուն, քանի որ կը վախնային:
'Sa gabhail a mach, theich iadsan bhon uaigh: oir ghlac eagal is uamhas iad; 's cha tuirt iad ni ri duine sam bith: oir bha sgath orra.
9 (note: The most reliable and earliest manuscripts do not include Mark 16:9-20.) Յիսուս՝ Մէկշաբթի առտուն յարութիւն առած՝ նախ երեւցաւ Մարիամ Մագդաղենացիին, որմէ հաներ էր եօթը դեւ:
(note: The most reliable and earliest manuscripts do not include Mark 16:9-20.) Ach esan ag eirigh moch sa mhaduinn air a chiad latha den t-seachduin, chunnacas an toiseach e le Mairi Magdalen, as na chuir e seachd deomhain.
10 Ինք ալ գնաց եւ պատմեց անոնց՝ որոնք անոր հետ էին, մինչ կը սգային ու կու լային:
Dh' fhalbh ise, agus dh' innis i dhaibhsan a bha air a bhith comhla ris, 's iad a gal sa caoidh.
11 Իսկ երբ անոնք լսեցին թէ ան ողջ է եւ ինք տեսած է զայն, չհաւատացին:
Is iadsan a cluinntinn gun robh e beo, 's gum facas e leatha, cha do chreid iad.
12 Յետոյ ուրիշ կերպարանքով երեւցաւ անոնցմէ երկուքին՝ որոնք քալելով արտը կ՚երթային:
'S an deigh sin dh' fhiach e e fhein an riochd eile do dhithis dhiu, a bha coiseachd a mach don duthaich.
13 Իրենք ալ գացին ու պատմեցին միւսներուն. բայց իրե՛նց ալ չհաւատացին:
Agus dh' fhalbh iadsan, is dh' innis iad do chach: 'S cha mhua chreid iadsan iad.
14 Յետոյ երեւցաւ տասնմէկին՝ երբ սեղան նստած էին, ու կշտամբեց անոնց անհաւատութիւնը եւ սիրտի կարծրութիւնը, որովհետեւ չհաւատացին անոնց՝ որոնց ինք երեւցաւ՝ մեռելներէն յարութիւն առած:
Mu dheireadh chunnacas e leis na h-aon-diag, nuair a bha iad aig bord; agus chronaich e iad air son am mi-chreidimh agus cruas an cridhe: a thaobh nach do chreid iad an fheadhainn a chunnaic e an deigh aiseirigh.
15 Նաեւ ըսաւ անոնց. «Գացէ՛ք ամբողջ աշխարհը, ու քարոզեցէ՛ք աւետարանը բոլոր արարածներուն:
Is thuirt e riutha: Falbhaibh feadh an t-saoghail gu leir, agus searmonaichibh an soisgeul dhan h-uile creutair.
16 Ա՛ն որ հաւատայ եւ մկրտուի՝ պիտի փրկուի. ա՛ն որ չհաւատայ՝ պիտի դատապարտուի:
Esan a chreideas 'sa bhaistear, sabhailear e: ach esan nach creid, theid a dhiteadh.
17 Սա՛ նշանները պիտի հետեւին անոնց՝ որ կը հաւատան.- դեւե՛ր դուրս պիտի հանեն իմ անունովս, նո՛ր լեզուներ պիտի խօսին,
Agus leanaidh na comharran so iadsan a chreideas: Nam ainmse tilgidh iad a mach deomhain: labhraidh iad le teangannan ura;
18 օձե՛ր պիտի առնեն իրենց ձեռքերուն մէջ, ու եթէ խմեն մահառիթ դեղ մը՝ պիտի չվնասէ իրենց. ձեռք պիտի դնեն հիւանդներու վրայ, եւ անոնք պիտի առողջանան»:
Is togaidh iad nathraichean; agus ma dh' olas iad ni marbhtach sam bith, cha dean e cron orra; cuiridh iad an lamhan air daoine tinn, agus bithidh iad gu math.
19 Այսպէս՝ անոնց հետ խօսելէն ետք՝ Տէրը համբարձաւ երկինք, ու բազմեցաւ Աստուծոյ աջ կողմը.
Agus an deigh don Tighearna Iosa labhairt riutha, thogadh suas e gu neamh, agus tha e 'na shuidhe air laimh dheis Dhe.
20 իսկ անոնք գացին եւ կը քարոզէին ամէնուրեք: Տէրը անոնց գործակից էր, ու կը հաստատէր խօսքը՝ ընկերացող նշաններով: Ամէն:
Agus chaidh iadsan a mach, agus shearmonaich iad anns gach aite, an Tighearna a co-oibreachadh leo, 'sa daingneachadh an fhacail leis na comharran a lean. Amen.

< ՄԱՐԿՈՍ 16 >